Seo am mapa oighreachd mionaideach as sine de Leòdhas. Tha e a’ sealltainn an cruth-tìre dùthchail mus do mheudaich na tacannan chaorach agus na frìthean fèidh tron naoidheamh linn deug. Bha Seumas Chapman (faic gu h-àrd) ag obair dha Iarla Shìophort mar Shiamarlan Leòdhais mus deach Raibeart Brown a chur an dreuchd mar ‘choimiseanair’ agus/no bàillidh, bho timcheall air 1810. Eadar 1807-09 rinn Chapman sgrùdadh air Leòdhas air fad, a’ clàradh na lorg e ann am Book of the Plans of Lewis. Thathas a’ smaoineachadh gun deach an leabhar a chall ann an aon de na teinntean a bh’ ann an Oifis na h-Oighreachd bliadhnaichean an dèidh seo. ’S e leth-bhreac dathte, làmh-sgrìobhte den sgrùdadh tùsail aig Chapman a chithear an seo, air a dhèanamh le Alexander Gibbs ann an 1817. ’S dòcha gur e trioblaidean airgid ann an 1819, a nochd gur dòcha gu feumte an oighreachd a reic, a bu choireach gun deach leth-bhreac lùghdaichte litigrafaig eile le Uilleam MacIain a dhèanamh ann an 1821 dhen phlana seo, ged a bha Leòdhas aig Clann ’icCoinnich gus an deach a reic ri Seumas MacMhathain ann an 1844.
Tha am mapa a’ sealltainn gu soilleir comas àiteachais Leòdhais, le beachdan air càileachd an ionaltraidh agus na mòintich, a bharrachd air cò aige a bha sealbh air còraichean ionaltraidh. Mar a chithear fo ‘Remarks’ gu h-àrd air an làimh dheis, tha talamh-àitich air a shealltainn ann an dath soillear donn, deagh ionaltradh ann an uaine, na mòintichean ann an donn, na coilltean le loidhne uaine timcheall air a’ choille, agus tha gach seòrsa fearainn air an sgaradh le loidhne thana dhubh. Le sin tha na sgaraidhean a thaobh cleachdadh an fhearainn, eadar an talamh-àitich agus fearann tuathanais nas fhaisg air a’ chladach agus na mòintichean a-staigh air an dùthaich, air an sealltainn gu soilleir. Tha na crìochan eadar thuathanais air an sealltainn le inc dearg, agus tha crìochan pharaistean air an sealltainn ann an donn. Tha a’ mhuir aig ìre an làin air a shealltainn le suathadh de pheanta-uisge gorm, agus tha na lochan a-staigh air an dùthaich cuideachd gorm. Tha topografaidh coitcheann air a chomharrachadh le sgrìoban co-shìnte.
Tha an grunnan thogalaichean air gach tuathanas air an comharrachadh mar chruinneachadh de thaighean air an tarraing le inc dubh. Tha gach tuathanas cuideachd air aithneachadh le àireamh ann an dearg agus sgrìobhainn co-cheangailte ris (Content of the Parishes of Lewis according to the order of the Table of Contents in the Plan Book by James Chapman (1817) (Clàran Nàiseanta na h-Alba GD 46/17/46), a’ toirt fiosrachadh staitistigeil airson gach tuathanas. Tha clàr 'General Contents', aig mullach a’ phlana air an làimh dheis, a’ sealltainn meud Coille, Talamh-àitich agus Ionaltradh a’ Gearradh A-steach, Deagh Ionaltradh, Ionaltradh Monadail agus Còinneach agus Uisge airson gach paraiste, air a chur sìos mar Acraichean, Ròid agus Falls. Tha notaichean tuairisgeulach mionaideach, sgrìobhte thairis air a’ mhapa, a’ toirt fiosrachaidh mu thalamh ionaltraidh agus àireamh acraichean, agus na tuathanais a bha a’ roinn an ionaltraidh sin.
Aig an àm seo cha mhòr nach robh na tuathanais uile air an gabhail aig fir-taca no fir-gabhail, ach a-mhàin Ceairseadar, Marabhaig, Gearraidh a’ Bhàird air taobh deas Loch Eireasort agus Stiomrabhagh agus Èisgean air cladaichean a tuath Loch Sealg, tuathanais bheaga le 4-7 màladairean. (B’ e manaidsearan fearainn gu ìre mhòr a bha ann am fir-taca, a bha a’ gabhail fearann air mhàl bhon uachdaran agus ’s dòcha a bha ag obrachadh cuid dheth, ach a bhiodh cuideachd a’ leigeil pìosan nas lugha dheth a-mach air mhàl gu tuathanaich-gabhailtais eile). Tha sgaoileadh tràth aig tuathanais chaorach cuideachd follaiseach, mar a chaidh aithris le Seumas Dòmhnallach anns an View of the Agriculture of the Hebrides (1811) aige. Dh’innis an Dòmhnallach gun robh Mgr MacFhionghain a’ Choire (An t-Eilean Sgitheanach), Caiptean Reid agus Mgr Downie Loch Aillse, aig an robh Tuathanas na Pàirc air mhàl, 'had stocked a considerable tract of ground with Tweedale or blackfaced sheep'. Sgrìobh Seumas Hogg na leabhar A Tour in the Highlands in 1803, mu Mhgr Downie, ministear paraiste Loch Aillse, gu robh, 'extensive concerns in farming, both in the mainland and the isles, and is a great improver of cattle and sheep'. B’ e Caiptean Dòmhnall Reid cuideachd fear-taca Thuilm Uachdraich agus b’ e Downie fear-taca thuathanais a’ Chnuic agus Shuardail ann am paraiste Steòrnabhaigh.
Eadar 1807 agus 1817 chaidh Tuathanas na Pàirce a leudachadh agus chaidh na màil aige suas bho £315 sa bhliadhna gu £361. Bha an t-ionaltradh coitcheann, a bha air a roinn anns na mòintichean anns an robh 7,093 acraichean eadar Loch Sealg agus Loch Eireasort, air a chur a-mach gu tuathanais fa leth. Anns na deicheadan a lean chaidh na tuathanais bheaga aig Loch Sealg uile an cur ri Tuathanas na Pàirce.
Bha an rathad ùr charbad à Steòrnabhagh tuath gu Barabhas air a chrìochnachadh ro 1809 agus tha e air a chomharrachadh agus air ainmeachadh an seo, mar a tha na crìochan air iomall a deas na h-oighreachd mun robh connspaid le oighreachd na Hearadh. Chaidh cùis mu na crìochan sin a thogail ann an Cùirt an t-Seisein ann an 1804 le Hume MacLeòid an aghaidh Iarla Shìophort agus cha deach a’ chùis a rèiteach gu 1853.
Fad iomadh bliadhna bha am mapa oighreachd grinn seo crochte air balla staidhre ann am prìomh oifisean Chomhairle nan Eilean Siar ann an Steòrnabhagh. Far an robh e suidhichte bha e do-dhèanta sùil mhionaideach a thoirt air, agus cha robh a shuidheachadh math a thaobh a ghlèidheadh san ùine fhada ri linn an staid àrainneachdail agus a chionns gu robh solas a’ tuiteam air. Ann an 2024 chaidh am mapa a thoirt sìos gu cùramach. Chaidh a ghlèidheadh agus a sganadh ann am pròiseact co-obrachail.